Folk Tale

Maol a chliobain

AuthorHector MacLean
ATU327B
LanguageScottish Gaelic
OriginScotland

Bha bainnteacli ann roimhe so, 's bha tri nigheanan aice, 's thuirt iad rithe gun rachadh iad a dh' iarraidh an fhortain. Dheasaich i tri bonnaich. Thuirt i ris an te mlioir, "Cò'ca 's fhearr leat, an leith blieag 's nio bheannachd, na"n leiili mhòr 's mo mhollachd?" "'S fheàrr leam," urs' ise, " an leith mhòr 's do mhollachd." Thuirt i ris an te mheadhonaich, "Co'ca is fhearr leat an leith mhòr 's mo mho'lachd na'n leith bheag 's mo bheannachd?" "'S fheàrr leam," urs' ise, "an leith mhòr 's do mhollachd." Thuirt i ris au te bhig, " Co'ca is fhearr leat an leith mhor 's mo mhollochd n'an leith bheag 's mo bheannachd?" 'S fhearr leam an leith bhcag 's do bheannachd. Chord so r'a mathair, 's thug i dhi an da leith eile cuideachd.

Dh' fholbh iad, ach cha robh toil aig an dithisd abu shine an te b' òige 'bhi leb, 's cheangail iad i ri carra cloiche. Ghabh eud air an aghaidh, 's nur a dh' amhairc iad as an deigh, co a chunnaic iad ach ise, 's a' chreag air a main. Leig iad leatha car treis gus an d' ràinig iad cruach mhònadh, 's cheangail iad i ris a' chruaich mhonadh. Ghabh iad air an aghaidh treis, 's dh' amhairc iad 'nan deigh, 's co a chunnaic iad ach ise a' tighinn, 's a' chruach mhonadh air a muin. Leig iad leatha car tacan gus an d' rainig iad craobh, 's cheangail iad ris a' chraobh i. Ghabh iad air an aghaidh treis, 's nur a dh' amhairc iad 'nan de'igh, co a chunnaic iad ach ise a' tighinn, 's a' chraobh air a muin. Chunnaic iad nach robh math a bhith rithe. Dh' fhuasgail iad i, "s lig iad leo i. Bha iad a' folbh gus an d' thhinig an oidhche'orra. Chunnaic iad solus fada uatha, 's ma b'fhada uatha cha b'fhada'a bha iadsan 'ga 'ruigheachd, Chaidh iad a stigh. De' a bha 'so aeh tigh famhair. Dh' iarr iad fuireachd 'san oidhche. Fhuair iad sin, 's chuireadh a laidhe iad le tri nigheanan an fhamhair.

Bha caran de chneapan òmbair ma mhuinealan nigheanan an fhamhair, agus sreanganan gaoisid ma'm muineilsan. Chaidil iad air fad, ach cha do chaidil Maol a' chliobain. Feadh na h-oidhche thainig paghadh air an fhamhair. Ghlaoidh e r'a ghille maol carrach uisge thoirt a "ionnsuidh. Thuirt an gille maol, carrach, nach robh deur a stigh. " Marbh," urs' esan, " te de na nigheanan coimheach, 's thoir a m' ionnsuidh a fuil." "Demur a dh' aithneachas mi eatorra ?" urs' an gille maol, carrach. " Tha caran de chneapan ma mhuinealan mo nigheanansa, 's caran gaoisid ma mhuineil chaich." Chuala Maol a' chliobain am famhair, 's cho clis 's a b'urrainn i, chuir i na sreangannan gaoisid a bha ma 'muineal fein 's ma mhuineail a peathraichean ma mhuineil nigheanan an fhamhair, agus na cneapan a bha ma mhuineil nigheanan an fhamhair ma 'muineal fe'in, 's ma mhuineil a peathraichean, 's laidh i sios gu samhach. Thainig an gille maol carrach, 's mharbh e te de nigheanan an fhamhair, 's thug e'n f hull a 'ionnsuidh. Dh' iarr e tuillidh a thoirt a 'ionnsuidh. Mharbh e an ath te'. Dh' iarr e tuillidh, "s mharbh e 'u treas te. Dhliisg Maol a' chliobain a peathraichean, 's thug i leath' air a muin iad, 's ghabh i air folbh. Mhothaich am famhair di, 's lean e i.

Na spreadan teine a bha ise cur as na clachan le a sailtean, bha iad a' bualadh an fhamhair 'san smigead ; 's na spreadan teine a bha 'm famhair a' toirt as na clachan le barraibh a chas, bha iad a' bualadh Mhaol a' chliobain an ciil a' chinn. " 'Se so a bu dual daibh gus an d'rainig iad obhainn. Leum Maol a chliobain an olihainn, s cha b'urrainn am famhair an obhainn a leum." " Tha thu thall a Mhaol a chliobain." " Tha ma 's oil leat e." " Mharbh thu mo thri nigheanan maola,ruagha." " Mharbh ma 's oil leat e." "'S cuin a thig thu 'rithisd ?" " Thig nur bheir mo ghnothach mi."

Ghabh iad air an aghaidh gus an d' ràinig iad tigh tuathanaich. Bha aig an tuatlianach tri mic. Dh' innis iad mar a thachair dhaibh. Urs' an tuathanach ri Maol a cliliobain, " Bheir mi mo mhac is sine do 'd' phiuthar is sine, 's faigh dhomh cir mhin òir 's cir gharbh airgid a tha aig an fhamhair." "Cha chosd e tuillidh dhuit," ursa Maol a chliobain. Dh' fholbli i, 's ràinig i tigh an fhamhair. Fhuair i stigh gun fhios. Thug i leatha na cirean, 's ghabh i 'mach. Mhothaich am famhair di ; is as a deiuh a bha e gus an d' rainig e 'n obhainn. Leuni ise an obhainn, 's cha b'urrainn am famhair an obhainn a leum. " Tha thu thall a Mhaol a chliobain." " Tha ma's oil leat e." " Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruagha." " Mharbh ma's oil leat e. Ghoid thu mo chir mhin òir 's mo chir gharbh airgid." " Ghoid ma's oil leat e." " Cuin a thig thu 'rithisd ? " " Thig nur bheir mo ghnothach mi."

Thug i na cirean thun an tuathanaich, 's phòs a piuthar mhòr 's mac mòr an tuathanaich.

" Bheir mi mo mhac meadhonach do d' phiuthar mheadhonach, "s faigh dhomh claidheamh soluis an fhamhair." " Cha chosd e tuillidh dhuit," ursa Maol a chliobain. Ghabh i air folbh, 's rainig i tigh an fhamhair. Chaidh i 'suas ann am barr craoibh' a bha as cionn tobar an fhamhair. Anns an oidhche thkinig an gille maol, carrach, 's an claidheamh soluis leis, a dh' iarraidh uisge. Nur a cbrom e 'thogail an uisge thainig Maol a chliobain a nuas, 's phut i sios 'san tobar e, 's bhath i e, 'sthug i leatha an claidheamh solnisd. Lean am famhair i gus an d' rainig i an obhainn. Leum i an obhainn, 's cha b'urrainn am famhair a leantainn. "Tha thu thai! a Mhoal a chliobain." "Tha ma's oil leate." "Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruagha." " Mharbh ma's oil leat e." " Ghoid tha mo chir mhin oir 's mo chir gharbh airgid." " Ghoid ma's oil leat e." " IMharbh tha mo ghille maol, carrach." " Mharbh ma's oil leat e." " Ghoid tha mo chlaidheamh soluis." " Ghoid ma's oil leat e." " Cuin a thig thu 'rithisd." " Thig nur bheir mo ghnothach mi." Eainig i tigh an tuathanaich leis a' chlaidheamh sholuis, 's phòs a piuthar mheadhonach, 's mac meadhonach an tuathanaich.

" Bheir mi dhuit fein mo mhac is òige," urs' an tuathanach, 's thoir am' ionnsuidh, " Boc a tha aig an fhamhair," " Cha chosd e tuillidh dhuit," ursa Maol a' chliobain. Dh' fholbh i 's rainig i tigh an fliamhair, ach nur a bha greim aic' air a' bhoc rug am famhair urra. " De," urs' am famhair, " a dheimadh thus' ormsa na'n deanainn uibhir coir' ort 's a rinn thus' ormsa." " Bhcirinn ort gu 'sgaincadh thu thu fein le brochan bainne ; chuirinn an sin ann am poc' thu ; chrochainn thu ri driom an tighc ; chuirinn teine fodhad ; 's ghabhaiiin duit le cabair gus an tuiteadh thu 'd' chual chrionaich air an urlar. Rinn am famhair brochan bainne, 's thugr ure' ol. Chuir ise am brochan bainne ma' beul 's ma h-aodam, 's luidh i seachad mar gum biodh i marbh. Chuir am famhair am poc' i, 's chroch e i ri drìom an tighe, 's dh' fholbh e fein 's a dhaoine a dh' iarraidh fiodh do 'n choille. Bha mathair an fhamhair a stigh. Theireidh Maol a' chliobain nur a dh' fholbh am famhair, " 'S mise a tha ann 'san t-sòlas 's mise a tha ann 'sa' chathair òir." "An leig thu mis' ann," urs' a' chailleach. " Cha leig gu dearbh." Ma dheireadh leig i 'nuas am poca ; chuir i stigh a' chailleach, is cat, is laogh, is soitheach uachdair ; thug i leatha am boc ; 's dh' fholbh i. Nur a thainig am famhair thoisich e fein 's a dhaoine air a' phoca leis na cabair. Bha 'chailleach a' glaodhach, " 'S mi fe'in a th' ann." " Tha fios agam gur tu fein a th' ann," theireadh am famhair, 's e 'g eiridh air a' phoca. Thamig am poca 'nuas 'na chual chrionaich, 's de 'bha ann ach a mhathair. Nur a chunnaic am famhair mur a bha, thug e as deigh Mhaol a' chliobain. Lean e i gus an d rainig i 'n obhainn. Leum Maol a' chliobain an obhainn, s cha b'urrainn am famhair a leum. " Tha thu ihall a Mhaol a chliobain." " Tha ma 's oil leat e." "Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruagha." " jMharbh ma 's oil leat e." " Ghoid thu mo chir mhin òir 's mo chir gharbh airgid." " Ghoid ma 's oil leat e." " Mharbh thu mo ghille maol, carrach." " Mharbh ma 's oil leat e." " Ghoid thu mo chlaidheamh soluisd." " Ghoid ma 's oil leat e." " Mharbh thu mo mhathair." " Mharbh ma 's oil leat e." " Ghoid thuraobhoc." " Ghoid ma 's oil leat e." " Cuiu a thig thu rithisd." " Thig nur bheir mo ghnothach mi." " Na'm biodh thusa bhos 's mise thall," ursa am famhair, " de 'dheànadh thu airson mo leantainn ?" " 'Stopainn mi fein, 's dh' olainn gus an traoighinn an obhainn." Stop am famhair e fe'in, 's dh' òl e gus an do sgàinn e. Phòs Maol a chliobain mac òg an tuathanaich.


Text view